Trí Rainn agus Amhrán

air a dheasachadh le

Colm Ó Baoill agus Cathair Ó Dochartaigh

Meanbh-chlàr
Trí Rainn agus Amhrán, ’s e sin dàn sa bheil trì rannan de bhàrdachd lideachail – bàrdachd air an
t-seann mheadrachd a bha aig na Gaidheil ro 1600 – agus aon cheathramh air a’ mheadrachd ùir a tha againn an-diugh, meadrachd nan òran. Tha 103 dàn uile gu lèir an seo, a bhuineas ris an rè c.1670–1860.

Tha ceangal aig an t-seòrsa dàin seo ri taobh deas Ulaidh agus taobh tuath Laighean, ach is ann à Mumhain a thig a’ chuid as motha de na rinneadh ro 1700. An dèidh sin, chìthear an gnè a’ fàs ann am Baile Atha Cliath, agus am pàirt de Chonnachd, agus ann an Ulaidh a deas agus Laighin a tuath mar an ceudna. Chan eil ach an aon eisimpleir ann an Gàidhlig na h-Albann, ach is ann am Mumhain a bha am bàrd a’ fuireach aig an àm nuair a sgrìobh e an dàn.

Is e litreachas nam bàrd foghlaimte tha anns na dàin seo ach, coltach ris an t-sonaid, tha gu leòr dhiubh mun ghaol. Ach is motha gu mòr an t-àireamh dhiubh a nì moladh, moladh air gaisgeach, no air sagart no bàrd no baile – sin buaidh na seann bhàrdachd Ghàidhlig, is cinnteach. Tha an creideamh cudromach, mar a bhiodh dùil, agus aoirean air daoine nach còrd ris a’ bhàrd. Agus tha raon math leathan de chuspairean eile ri fhaicinn, a’ gabhail a-steach bàrdachd phearsanta, comhairle mu na mnathan agus mun òl.

£6.95
Le tionndadh gu Gàidhlig na h-Alba
£6.95

Ar taing do Cholmcille agus do Chomhairle nan Leabhraichean airson nan tabhartasan a thug iad dhan phròiseact seo.