The Journal of Scottish Name Studies

’S e iris sgoilearach a th’ anns an Journal of Scottish Name Studies,
a bhios a’ foillseachadh altan agus lèirmheasan air ainmean-àite agus ainmean pearsanta a bhuineas do dh’Alba, dha h-eachdraidh agus dha cànanan. Tha an iris ga breithneachadh le comhairle deasachaidh.
Gheibh buill Chomann Ainmean-Àite na h-Alba an iris air lasachadh prìs (fo-sgrìobh).
Cuiribh altan airson àireamhan ri teachd gu Clann Tuirc gus an tèid beachdachadh orra. Thèid beachdachadh air altan goirid, lèirmheasan agus aithisgean air obair a tha ga leantainn cuideachd.
An Dr Simon Taylor
Am Fear-deasachaidh