|
Trì altan fichead a’ còmhdachadh sreath fharsaing de chuspairean air cànan, litreachas agus eachdraidh na h-Èireann, na h-Albann agus Eilean Mhanainn, mar as fhreagarrach do dh’iomadh ùidh an neach a tha ga urramachadh leis an leabhar seo.
Nam measg, tha cunntasan air freumhaireachd, rosg agus bàrdachd mheadhan-aoiseach, nua-bhàrdachd tràth agus bàrdachd an latha an-diugh, sloinntearachd, ainmean-àite agus eachdraidh na h-Eaglais, le cuid de na sgoilearan as ùghdarrasail sna raointean seo.
xviii + 334dd. 2007
ISBN 978-0-9549733-7-7 còmhdach bog £16.00
|